Skip to content

Mòd An Obain 2024

Friday 11th – Saturday 19th October 2024

Dè tha dol

Bidh prògram oifigeil farpaisean a’ Mhòid ga fhoillseachadh anns an t-Sultain 2024. Tha fiosrachadh air mar a bhios tu a’ clàradh airson nam farpaisean ri fhaotainn air làrach-lìn A’ Chomunn Ghàidhealaich.

Tha sinn an dùil gum bidh rudeigin ann am prògram iomall a’ Mhòid 2024 a chòrdas ri a h-uile duine; cèilidhean teaghlaich, ceòl beò, taisbeanaidhean, tachartasan chloinne, spòrs beò, taisbeanaidhean ealain agus òraidean litreachais – ach tha sinn airson gum bidh prògram iomall a’ Mhòid loma-làn thachartasan. Ma tha beachd agad fhèin air mar is urrainn dhut a dhol an-sàs ann am prògram iomall a’ Mhòid, co-dhiù mar cheòladair, neach-ealain, cruthadair, buidheann coimhearsnachd de sheòrsa sam bith no mar freastalaiche – tha sinn airson cluinntinn bhuat!