Skip to content

Mòd An Obain 2024

Friday 11th – Saturday 19th October 2024

Dachaidh

Fàilte

Tha am Mòd Naiseanta Rìoghail – prìomh thachartas a’ comharrachadh cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig ann an Alba – a’ tilleadh don Òban agus gu Earra-Ghàidheal ann an 2024.

Thèid fàilte a chuir air farpaisich is freastalaichean don bhaile gus pàirt a ghabhail ann am còrr is 200 farpais agus prògram iomall a’ Mhòid glè mheasgaichte de chuirmean-ciùil, taisbeanaidhean, tachartasan chloinne, òraidean is iomadh rud eile bhon an 11mh – 19mh den Dàmhair 2024.

Airson cumail suas ris am fiosrachadh as ùire mu Mhòd an Òbain 2024 – agus cothrom fhaighinn air ultach mìorbhaileach de bhathar bho Mhòd an Òbain fhaighinn – thoir sùil air na duileagan clàraidh agus na meadhan sòisealta againn an-seo.

Tha Comataidh Deasachaidh Ionadail Mòd an Òbain, còmhla ri Bid4Oban, Ionad Achadh na Creige agus An Comunn Gàidhealach gu bhith ag obair fad na bliadhna a’ cuir air dòigh prògram iomall a’ Mhòid a bhios a’ taisbeanadh an roghainn is fhèarr na th’aig an t-Òban, Earra-Ghàidheal agus a’ choimhearsnachd Gàidhlig fad is farsaing ti thairgsinn; ma tha rud sam bith a bu toil leat fhèin fhaicinn aig Mòd an Òbain 2024, dìreach suir fios thugainn.

“Tha an t-Òban air cliù a chosnadh a-measg dìulaich a’ Mhòid mar bhaile a bhios a’ cuir air dòigh tachartas air leth, agus tha sinn an dòchas gun cùm sin a’ dol ann an 2024, le sreath farsaing de thachartasan agus diofar dhòighean do fhreastalaichean, luchd-tadhail agus muinntir an àite a dhol an-sàs anns a’ bheairteas de chultar na Gàidhlig a th’aig cridhe a’ Mhòid. Tha e na amas dhuinne a tha an-sàs ann am Mòd 2024 an ùidh seo a bhrosnachadh agus toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh air còmhraidhean mun Ghàidhlig anns an àm ri teachd, chan ann a-mhàin anns an Òban, ach cuideachd aig ìre nàiseanta. Tha sinn a’ coimhead air adhairt ri ar faicinn!”

– Dòmhnall MacIllEathain, Neach-gairm Mòd an Òbain 2024