Bidh am Mòd a’ tilleadh don Òban ann an 2024 – dè tha siud a’ ciallachadh dhuinn?
Airson ochd làithean san Dàmhair, bidh an t-Òban drip leis na mìltean de Ghàidheil, farpaisich, luchd an iomaill, sgiobannan TBh, ceòladairean aithnichte, luchd cruthachail agus luchd-gnìomhachais. Bidh gach gin de na buidhnean seo a’ dèanamh fèill den aoigheachd aithnichte san Òban, le dùil ri buannach eaconomach de chòrr is 2-3 millean notaichean dhan bhaile.
Iomall a’ Mhòid – The Mòd Fringe
Bidh raon farsaing de thachartasan a’ gabhail àite tro 2024 agus tro sheachdain a’ Mhòid, uile ceangailte ri ri cànan is cultar na Gàidhlig. Bidh taisbeanaidhean, co-fharpaisean, cuirmean, cèilidhean, òraidean agus an còrr a’ gabhail àite tron bhaile agus nas fhaide air falbh, a thuilleadh air an t-uamhas ceòl beò a bhios ri cluinntinn am measg taighean-seinnse a’ bhaile.
Cò ris a bhios seachdain a’ Mhòid coltach?
- Tha Disathairne-Diciadain ag amas air teaghlaichean, le co-fharpaisean cloinne a’ gabhail àite an uair sin agus farpaisich is luchd-frithealaidh ag iarraidh greimeannan bidhe aithghearr tron latha.
- Tha Diciadain a’ comharrachadh tòiseachadh nam farpaisean inbheach.
- ‘S ann air Diardaoin is Dihaoine a bhios farpaisean nan còisirean a’ gabhail àite, le mu 15 còisirean, le suas ri 35 seinneadairean an urra a’ gabhail pàirt ann. Bidh iad a’ sireadh biadh bho mheadhan an latha gu dìnnear, mus bidh iad a’ gluasad air adhart dha na taighean-seinnse air an fheasgar airson èisteachd ris a’ cheòl bheò. Bidh luchd-frithealaidh a’ sireadh cothroman air tachartasan diofraichte agus gnìomhachasan eile a fhrithealas iad tron latha, agus bidh dùil aca ri biadh is deoch gu na h-uairean anmoch.
Goireasan airson Gnìomhachasan
Abairtean Gàidhlig – cleachd seo airson soidhnichean dà-chananach agus sgeadachadh a chur ri ur gnìomhachas, air neo tog beagan Gàidhlig airson a cleachdadh le luchd-ceannaich.
Seiseanan Blasad Gàidhlig sònraichte airson Gnìomhachasan, air an cur air dòigh le Furan Gaelic Centre, Giblean-Cèitean 2024.