Bidh an t-uabhas a’ dol san Òban, dachaigh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus Prògram Iomall a’ Mhòid air fhoillseachadh
Tha raoin farsainn cuirmean-chiùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùthan-obrach air fhoillseachadh a bhios aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna nuair a thilleas an fhèis cliùiteach dhachaigh dhan Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024.
A’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil, far an do thachair a’ chiad Mòd ann an 1892, bidh prìomh fhèis Gàidhlig agus cultar na h-Alba a’ comharradh cànan agus cultar tro cheòl traidiseanta, dràma, litreachas, ealain agus spòrs. Bidh mòran luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlar san Òban thairis air naoi làithean.
Tha am baile àlainn agus an sgìre ag ullachadh airson an 17mh Mòd Nàiseanta. Chaidh Mòd 2015 a chumail san Òban agus bha e air leth soirbheachail. Tha dùil gum bi na mìltean deth dhaoine a’ tadhal air a’ bhaile an Earra-Ghàidheal gus na sàr fharpaisean agus tachartasan an iomaill a fhrithealadh.
’S iad Tallaichean a’ Chorrain prìomh ionad a’ Mhòid, le tallaichean agus àitean eile air an cleachdadh airson tachartasan cuideachd. Bidh taighean-seinnse an Òbain làn ceòl agus dùil ri seiseanan fad na seachdain.
Bidh gaisgich ionadail: an còmhlan ainmeil Mànran a’ fosgladh le cuirm-chiùil beòthail an Tallaichean a’ Chorran air Dihaoine 11 Dàmhair, a’ tòiseachadh an t-seachdain le stoidhle. Aithnichte gu h-eadar nàiseanta am measg nan còmhlain as cliùitiche an Alba san latha an-diugh. Tha iad a’ measgachadh ionnsramaidean traidiseanta agus ùra, an cois òrain Gàidhlig agus Beurla.
Aig deireadh naoi làithean a’ Mhòid, Disathairne 19 Dàmhair, cuiridh Cuirm Crìochnachaidh a’ Mhòid fàilte air Trail West aig Tallaichean a’ Chorrain gus prìomh fhèis chiùil agus cultar a’ dùnadh le brag.
Tillidh cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl Disathairne 12 Dàmhair. Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg còmhla ri tàlant ionadail eile: Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri luchd-ciùil Fèis Latharna. A bharrachd air a’ sin bidh pìobairean Àrd-sgoil an Òbain againn agus Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’ a chleachdas gluasadan Makaton agus iad a’ seinn.
Na caill tachartas le rionnaig nam meadhanan sòisealta agus bèicearachd Coinneach MacLeòid, air a bheil The Hebridean Baker, agus e a’ cuir air bhog leabhar ùr aig Ionad A’ Chreig, Diciadain 16 Dàmhair. Bheir e fhèin agus Pàdruig MacCuidhein, air a bheil The Hebridean Hutter, seachad an cuid sgeulachdan, òrain agus craic aig an tachartas.
Air feadh seachdain a’ Mhòid bidh taisbeanadh air Seasaidh NicLachlainn, a ghabh a’ chiad òran Gàidhlig a chaidh a chlàradh air gramafòn ann an 1899 agus i aithnichte mar ‘Banrighinn Ciùil na h-Alba’. Rugadh Seasaidh san Òban ann an 1866, agus i na prìomh aoigh aig a’ chiad Mòd a-riamh ann an 1892. Dh’fhàs i ainmeil gu h eadar-nàiseanta, agus i a’ seinn dha teaghlaichean rìoghail Eòrpach agus ann an tallaichean consairt air feadh a t-saoghail. Bidh an taisbeanach, a chaidh ullachadh le Màiri Anna NicUalraig agus Priscilla Scott, a sealltainn ceanglan Seasaidh agus a buaidh air A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus a’ comharrachadh beatha chuideigin air leth a bhuineas dhan Òban.
Bidh tòrr cur-seachadan ann a fhreagras air an òigridh agus teaghlaichean air feadh na seachdain, nam measg Club Lego Gàidhlig, Bookbug Gàidhlig, seiseanan ealain aig Ionad a’ Chreig agus cèilidh thràth-bhliadhnaichean aig Talla Guides. Bidh cuideachd cèilidh teaghlaich aig Tallaichean a’ Chorrain Dimàirt 15 Dàmhair far am bi ceòl, geamannan agus dannsa am pailteas.
Bidh spòrs cuideachd air fàire le farpaisean bhliadhnail Cupa Iomain a’ Mhòid agus Cupa Ball-coise a’ Mhòid air Pàirc A’ Mhòine agus na Glinne Disathairne 12 Dàmhair. ’S cinnteach gum bi farpais teann eadar na sgiobaidhean Gàidhealach as fheàrr agus iad ag iarraidh na duaisean tlachdmhor seo a ghlèidheadh.
Bidh cuideachd Taisbeanadh a’ Mhòid ri taobh Tallaichean a’ Chorrain, anns am bi bùird air am frithealadh le companaidhean agus buidheann bho air feadh na h-Alba a tha taiceil dhan Ghàidhlig.
Tha Prògram Iomall a’ Mhòid na chruinneachadh anns a bheil grunn thachartasan a fhreagras air a h-uile aois air feadh na seachdaine, a bharrachd air na prìomh fharpaisean ainmeil aig a’ Mhòd. Thèid daoine dhan Òban bho air feadh Alba, agus nas fhaide air falbh, gus na farpaisean leithid seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus Dannsa Gàidhealach a fhrithealadh.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Prògram Iomaill Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna a’ freagairt air a h-uile duine, dhaibhsan a tha fileanta sa Ghàidhlig no ga ionnsachadh, no aig a bheil ùidh ann an ceòl, obair-chiùird, eachdraidh, spòrs no dannsa. Tha deagh Mhòdan air a bhith san Òban sna bliadhnaichean a dh’fhalbh agus e na dachaigh eachdraidheil far an robh a’ chiad Mòd a-riamh, agus tha fiughair oirnn tilleadh. Tha e tlachdmhor fhaicinn mar a chumas a’ choimhearsnachd taic ris a’ Mhòd agus cuideachd an fheadhainn a bhios a’ tadhal ri linn. Tha sinn air leth taingeil dhan chomataidh ionadail agus compàirtichean airson an cuid oidhirp gus am bi Mòd na bliadhna-sa cho soirbheachail.”
Thuirt Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid, Comhairliche Jim Lynch: “Tha sinn air ar dòigh glan fàilte a chuir air a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail san Òban agus tha prògram na bliadhna loma làn tachartasan agus cuir-seachadan – tha rudeigin ann dhan h-uile duine.
“Tha Gàidhlig na pàirt cudromach den chultar againn an Earra-Ghàidheal is Bhòid agus tha uallach oirnn fàs a thoirt air a’ chànan. Tha e an còmhnaidh na urram Mòd Nàiseanta a bhith againn agus tha mi cinnteach gum bi Mòd am bliadhna air leth soirbheachail.”
Thuirt Dòmhnall MacGillEathain, Cathraiche, Comataidh Ionadail Mòd 2024: “Sna 9 bliadhna o na bha Mòd Nàiseanta san Òban mu dheireadh, tha coimhearsnachdan Gàidhlig ionadail agus eadar-nàiseanta air mòran atharrachadh fhaicinn. Tha sinn air leth pròiseil nar dualchas Gàidhealach agus a’ coimhead air adhart ri cothroman ar cànan agus ar cultar a bhrosnachadh agus a thoirt gu aire a’ mhòr shluaigh. Tha Mòd an Òbain 2024 ag amas air ar coimhearsnachdan a’ bhrosnachadh agus sinn a’ coimhead air an àm ri teachd dha ar cànan is cultar – agus tha e cho iomchaidh sin a dhèanamh le prògram iomaill cho farsainn agus tarraingeach.”
Thuirt Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh gàirdeachas prògram de thachartasan tarraingeach fhaicinn air an cur air dòigh airson Mòd an Òbain 2024. Bu chòir meal an naidheachd a chur air sgioba a’ Mhòid airson dèanamh cinnteach gu bheil rudeigin ann a fhreagras air a h-uile duine agus a bhios a’ tarraing farsaingeachd de dh’ fharpaisich agus luchd-tadhail dhan bhaile anns an Dàmhair. Tha cliù aig baile an Òbain airson a bhith a’ cur air adhart cultar na Gàidhlig, gu h-àraidh, nuair a bhios am Mòd air aoigheachd sa bhaile, ‘s tha sinn uile a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ comharrachadh a’ chànain againn aig an Fhèis Nàiseanta chudromach a tha seo.”
Tha na buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn an-diugh an seo.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn. Chìthear am prògram an seo.