Bidh an t-uabhas a’ dol san Òban, dachaigh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus Prògram Iomall a’ Mhòid air fhoillseachadh Tha raoin farsainn cuirmean-chiùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùthan-obrach air fhoillseachadh a bhios aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna nuair a thilleas an fhèis cliùiteach dhachaigh dhan Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. A’Continue reading "Dachaidh"... Continue Reading...
Tiugainn don Òban airson oidhche air leth a’ comharrachadh deireadh-seachdain shoirbheachail eile de Mhòd Ionadail Sgìre an Òbain airson na bliadhna-sa. Tromhad còmhla ri càirdean o fhad is farsaing, le biadh is deoch, ceòl is craic aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal, 5f-9f, Disathairne 1 Ògmhios. Le ceòl beò ceart, biadh sònraichte ga thabhann agus òrain cèilidhContinue reading "Dachaidh"... Continue Reading...
’S ann anns an Òban Inn a bhios cruinneachadh craicmhor de luchd-labhairt na Gàidhlig mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2024. Bidh coimhearsnachd Gàidhlig a’ bhaile a’ dèanamh gach oidhirp airson na seachdaine sin eadar 19-25 Gearran, le tachartasan gan cumail air feadh na seachdain do luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ùidh. Am measg naContinue reading "Dachaidh"... Continue Reading...
Trobhad còmhla ri seinneadairean air leth airson feasgar làn òrain Gàidhlig aig tachartas Seinn Leinn, ge bi dè an comas seinn a th’ agad. ’S I an ceòladair ionadail agus stiùiriche aithnichte aig Còisir Ghàidhlig an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich, a bhios aig ceann chùisean, le seisean fuasgailte de sheinn furasta, a bhios fosgailteContinue reading "Dachaidh"... Continue Reading...
Bidh am prìomh fhèis a bhios a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba, am Mòd Nàiseanta Ríoghail, a’ tilleadh dhachaigh don Òban ann an 2024. Le naidheachd gum bi am Mòd a’ tilleadh dhan àite san deach a stèidheachadh bho thùs an ceann bliadhna eile, agus gus soirbheachasan ionadail aig Mòd PhàisligContinue reading "Dachaidh"... Continue Reading...
Fàilte
Tha am Mòd Naiseanta Rìoghail – prìomh thachartas a’ comharrachadh cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig ann an Alba – a’ tilleadh don Òban agus gu Earra-Ghàidheal ann an 2024.
Thèid fàilte a chuir air farpaisich is freastalaichean don bhaile gus pàirt a ghabhail ann am còrr is 200 farpais agus prògram iomall a’ Mhòid glè mheasgaichte de chuirmean-ciùil, taisbeanaidhean, tachartasan chloinne, òraidean is iomadh rud eile bhon an 11mh – 19mh den Dàmhair 2024.
Airson cumail suas ris am fiosrachadh as ùire mu Mhòd an Òbain 2024 – agus cothrom fhaighinn air ultach mìorbhaileach de bhathar bho Mhòd an Òbain fhaighinn – thoir sùil air na duileagan clàraidh agus na meadhan sòisealta againn an-seo.
Tha Comataidh Deasachaidh Ionadail Mòd an Òbain, còmhla ri Bid4Oban, Ionad Achadh na Creige agus An Comunn Gàidhealach gu bhith ag obair fad na bliadhna a’ cuir air dòigh prògram iomall a’ Mhòid a bhios a’ taisbeanadh an roghainn is fhèarr na th’aig an t-Òban, Earra-Ghàidheal agus a’ choimhearsnachd Gàidhlig fad is farsaing ti thairgsinn; ma tha rud sam bith a bu toil leat fhèin fhaicinn aig Mòd an Òbain 2024, dìreach suir fios thugainn.
“Tha an t-Òban air cliù a chosnadh a-measg dìulaich a’ Mhòid mar bhaile a bhios a’ cuir air dòigh tachartas air leth, agus tha sinn an dòchas gun cùm sin a’ dol ann an 2024, le sreath farsaing de thachartasan agus diofar dhòighean do fhreastalaichean, luchd-tadhail agus muinntir an àite a dhol an-sàs anns a’ bheairteas de chultar na Gàidhlig a th’aig cridhe a’ Mhòid. Tha e na amas dhuinne a tha an-sàs ann am Mòd 2024 an ùidh seo a bhrosnachadh agus toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh air còmhraidhean mun Ghàidhlig anns an àm ri teachd, chan ann a-mhàin anns an Òban, ach cuideachd aig ìre nàiseanta. Tha sinn a’ coimhead air adhairt ri ar faicinn!”
– Dòmhnall MacIllEathain, Neach-gairm Mòd an Òbain 2024
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue to use this site we will assume that you are happy with it.Ok