Skip to content

Mòd An Òbain 2024

Friday 11th – Saturday 19th October 2024

Pop-up Gàidhealtachd san Òban Inn!

’S ann anns an Òban Inn a bhios cruinneachadh craicmhor de luchd-labhairt na Gàidhlig mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2024.

Bidh coimhearsnachd Gàidhlig a’ bhaile a’ dèanamh gach oidhirp airson na seachdaine sin eadar 19-25 Gearran, le tachartasan gan cumail air feadh na seachdain do luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ùidh.

Am measg na tachartasan seo tha am Pop-up Gàidhealtachd, far am faod luchd na Gàidhlig tighinn còmhla san taigh-sheinnse le làn fhios aca gum faigh iad fàilte, furan agus còmhradh Ghàidhlig.

Tha fàilte bhlàth ga chur air luchd na Gàidhlig san Òban Inn gach oidhche den t-seachdain, ach ‘s e oidhche shònraichte a bhios ann an Dihaoine 23 Gearran, le fàilte ro Òbanaich is Earra-Ghàidhealaich a bhith a’ tighinn cruinn còmhla airson feasgar seasgar de chraic, càirdeas is coimhearsnachd.

Chaidh am Pop-up Gàidhealtachd a chur air bhonn an toiseach ann an Èirinn, do luchd na Gaeilge ann am bailtean leithid Baile Atha Cliath a bhith a’ cur eòlas air a’ chèile anns a’ bhaile mhòr ùr aca.

Tha an tachartas seo, agus Seachdain na Gàidhlig fhèin, a’ tighinn don bhaile air thoiseach air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, is e a’ tilleadh don Òban uair eile san Dàmhair.

.

Tha tachartasan Seachdain na Gàidhlig gan cur air dòigh air feadh an t-saoghail tron Ghearran – bhon Òban agus Earra Ghàiidheal, air feadh na Gàidhealtachd agus meadhan na dùthcha, agus cho fad às ri Alba Nuadh – agus tha cothrom ann daonnan dol an-sàs air-loidhne!

Leigibh fhaicinn am faic sinn ann sibh tro ar tachartas Facebook, agus gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn Seachdain na Gàidhlig agus Mòd an Òbain 2024 air na duilleagan sòisealta againn.