Trobhad còmhla ri seinneadairean air leth airson feasgar làn òrain Gàidhlig aig tachartas Seinn Leinn, ge bi dè an comas seinn a th’ agad.
’S I an ceòladair ionadail agus stiùiriche aithnichte aig Còisir Ghàidhlig an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich, a bhios aig ceann chùisean, le seisean fuasgailte de sheinn furasta, a bhios fosgailte do dhuine sam bith le ùidh ann an seinn Ghàidhlig.
Tha Seinn Leinn ag amas air blasad a thoirt do dhaoine den chàirdeas, fois-inntin agus aoibhneas a thig le bhith a’ seinn ann an còisir, gun a bhith fo uallach a dhol nad làn bhall.
Thairis air an fheasgar seo, thèid agad air cuid de na h-òrain Gàidhlig as aithnichte ionnsachadh, gad fhàgail gu tur deiseil airson cur ri cèilidh, ge bi càit am bi thu – bho Barbhas gu Bàgh a’ Chaisteil agus Benderloch – agus gach àite eatorra!
Am measg nan rudan às cudromaiche air clàr chòisir tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a tha a’ tilleadh don Òban uair eile am-bliadhna.
Thathas an dòchas gum faigh seinneadairean misneachd is dealas à Seinn Leinn gus am faod iad pàirt a ghabhail anns na Còisirean Chruinnichte – cruinneachadh de cheudan de sheinneadairean bho chòisirean Gàidhlig, a bhios a’ tighinn le chèile gus crìoch a’ Mhòd Nàiseanta a chomharrachadh.
Am-bliadhna, gheibh an t-Òban còrr air an àbhaist, le DÀ chothrom air còisirean chruinnichte a fhrithealadh, le aonnan dhiubh às dèidh am Mòd Ionadail san Ògmhios agus an uair sin nuair a thig am Mòd Nàiseanta don bhaile san Dàmhair.
Tha Seinn Leinn mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, a tha na iomairt eadar-nàiseanta a bhios ag amas air inbhe na Gàidhlig a thogail, agus aig an aon àm, a bhith a’ toirt luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh còmhla ri daoine eile aig a bheil ùidh ‘sa chànan. Còmha, thèid fèill a dhèanamh air a’ chultar air leth beartach a tha ga riochdachadh leis a’ chànan.
Gabhaidh Seinn Leinn àite aig Ionad Achadh na Creige, an t-Òban air Disathairne 24 Gearran, eadar 1f agus 4.30f. Faodar fantainn airson an fheasgar air fad, air neo nochdadh airson greiseag a-mhàin ma ’s e sin a bu mhiann leibh.
Tha an tachartas seo air a chur air dòigh le Comataidh Ionadail Mòd an Òbain, air thoiseach air a’ Mhòd a’ tilleadh don bhaile a-rithist ann an 2024.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ phrìomh fhèis comharrachaidh airson na Gàidhlig, theirigibh dha na meadhanan-sòisealta agus làrach-lìn againn gu h-ìosal.