Skip to content

Mòd An Òbain 2024

Friday 11th – Saturday 19th October 2024

An t-Òban a’ gealltainn gum mair Mòd 2024 fada sa chuimhne

Bidh am prìomh fhèis a bhios a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba, am Mòd Nàiseanta Ríoghail, a’ tilleadh dhachaigh don Òban ann an 2024.

Le naidheachd gum bi am Mòd a’ tilleadh dhan àite san deach a stèidheachadh bho thùs an ceann bliadhna eile, agus gus soirbheachasan ionadail aig Mòd Phàislig 2023 a chomharrachadh, thàinig cuid de thosgairean Gàidhlig ionadail le chèile sa bhaile an t-seachdain-sa.

Am measg an fheadhainn a bha an lathair bha an riochdaire TBh, ùghdar agus tosgaire aithnichte airson cultar is dualchas na Gàidhlig, Pàdruig MacCuidhein.

Thuirt Pàdruig: “Nuair a bhuineas tu ris an Òbain, bidh thu air bhioran nuair a thig am Mòd dachaigh don bhaile far an do thòisich e ann an 1891. Tha am baile mòr gu leòr, ach cuideachd beag gu leòr airson ’s gum bi cothrom ann coimhearsnachd nan Gàidheal thighinn còmhla gu cofhurtail airson farpaisean, cèilidhean is fèilidhean agus na tachartasan gu lèir.

“Faodar coiseachd gach aite, eadar tallachan agus eile, agus tha sin mar phàirt de na tha a’ fàgail Mòd an Òbain an-còmhnaidh air leth. Tha min dòchas gum faigh daoine a tha ùr dhan sgìre cothrom dhol an-sàs leis a’ chèilidh mhòr a bhios ann!”

Cuideachd a’ comharrachadh an naidheachd gum bi am Mòd a’ tilleadh don Òban bha an stiùiriche aithnichte agus innleachdail aig Còisir Ghàidhlig an Òbain – agus gaisgeach dìleas comhearsnachd ciùil na sgìre – Sìleas Nic na Ceardaich

A’ tilleadh bho shoirbheachas mòr aig Mòd nàiseanta na bliadhna-sa, far an do dhìon Còisir Ghàidhlig an Òbain sgiath MhicShìmidh is Tulaich Bhardainn airson an treasamh bhliadhna ann an sreath, bidh Sìleas agus luchd na còisire airson an sgiath a ghlèidheadh airson bliadhna eile a bharrachd, rud nach fhacas a-cheana thar eachdraidh a’ Mhòid.

Thuirt Sìleas: “Tha a’ choimhearsnachd again daonnan cho taiceil, fàilteachail agus blàth ro luachan a’ Mhòid agus cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidlig agus a cuid dualchas. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air càraidean sean is ùr airson hò-rò geallaidh mòr nan tachartasan iomaill agus na farpaisean air leth.”

A’ coimhead air adhart dha na dh’fhaodadh a bhith an dàn do Mhòd an Òbain 2024, thuirt Neach-gairm a’ Mhòid airson 2024, Dòmhnall MacIllEathain: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ gabhail an urraim seo às leth a’ bhaile, agus tha fiùghair mhòr oirnn gum bi am Mòd san Òban uair eile, airson tachartas a bu mhiann leinn a bhith mar àrd-chomharrachadh air beartas cànan is cultar na Gàidhlig aig ìre nàiseanta.

“Bidh beartas eachdraidh Gàidhlig Earra-Ghàidheil aig cridhe nan teachdaireachdan againn, agus tha sinn an dùil sin a thaisbeanadh, a thuilleadh air a chuid buntainneas ris a’ chànan anns an sgìre san latha an-diugh a dhaingneachadh. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre a’ dol bho neart gu neart, le tòrr mòr ùidh anns a’ chànan cuideachd; Bidh Mòd 2024 a’ daingneachadh seo cuideachd, agus a’ toirt breab tòiseachaidh gu còmhraidhean mu àm ri teachd na Gàidhlig, chan ann a-mhàin anns an Òban, ach gu nàiseanta cuideachd.

“Tha sinn air leth taingeil gu An Comunn Gàidhealach airson an taic gu ruige seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha thairis air a’ bhliadhna a tha romhainn gus Mòd 2024 a thoirt gu bith.

Cuideachd, tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ri BID4Oban, Ionad Achadh na Creige agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bòid mar phrìomh chom-pàirtichean lìbhrigidh, a’ dearbhadh gum bi rudeigin ann airson gach neach aig Mòd an Òbain 2024.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair mòr ri Mòd 2024, far am bi sinn a’ tilleadh dhan dachaigh spioradach aig a’ Mhòd, ‘s e sin an t-Òban – àite a tha aithnichte airson a chuid tàlant chèolmhor agus coimhearsnachd Ghàidhlig beòthail.

Bidh an ath-bhliadhna a’ comharrachadh 133 bliadhna bho chaidh a’ chiad Mhòd a chumail sa bhaile agus naoi bliadhna bhon a thàinig am Mòd mu dheireadh againn san Òban.”

Bheir an fhèis leis prògram làn thachartasan agus togail nach beag do ghnìomhachasan a’ bhaile. ‘S cinnteach gun còrd an suidheachadh àlainn agus aoigheachd aithnichte a thig leis an Òban, le na mìltean de Ghàidheil a’ tighinn cruinn còmhla uair eile airson an fhèis a chomharrachadh.”

Gabhaidh Mòd an Òbain àite eadar 11-19 Dàmhair 2024, le raon farsaing de cho-fharpaisean seinn, bàrdachd, litreachas, spòrs agus eile, a thuilleadh air prògram de thachartasan iomaill a bhios gus sgàineadh.

Le aoigheachd, dualchas agus coimhearsnachd an Òbain cho aithnichte, bidh Mòd an Òbain 2024 a’ daingneadhadh cliù a’ bhaile, a tha measail aig an da chuid luchd-tadhail agus muinntir an àite, mar dhachaigh a’ Mhòid.

Thairis air seachdain a’ Mhòid, bithear an dùil ris na mìltean de cho-fharpaisich, luchd-tadhail agus eile bho air feadh na h-Alba – agus thall thairis – anns a’ bhaile, a tha aithnichte aig tòrr mar stàirsneach nan eilean.

Bidh hò-rò gheallaidh mòr na seachdain ag amas air gach taobh de chànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh – mar a bha i, mar a tha i agus mar a dh’fhaodadh i bhith – le cuirmean, taisbeanaidhean, òraidean, cur-seachadan, cèilidhean agus eile.